1_1_SCRIPT-ed_1gaelic Welcome Message - Gaelic (H MacQueen) (2004) 1:1 SCRIPT-ed 1gaelic (2004)


BAILII is celebrating 24 years of free online access to the law! Would you consider making a contribution?

No donation is too small. If every visitor before 31 December gives just £1, it will have a significant impact on BAILII's ability to continue providing free access to the law.
Thank you very much for your support!



BAILII [Home] [Databases] [World Law] [Multidatabase Search] [Help] [Feedback]

United Kingdom Journals


You are here: BAILII >> Databases >> United Kingdom Journals >> Welcome Message - Gaelic (H MacQueen) (2004) 1:1 SCRIPT-ed 1gaelic (2004)
URL: http://www.bailii.org/uk/other/journals/Script-ed/2004/1_1_SCRIPT-ed_1gaelic.html
Cite as: Welcome Message - Gaelic (H MacQueen)

[New search] [Help]


Deasachaidh

Nuair a chaidh faighneachd aig toiseach a chùrsa dhan fhear-lagha ainmeil Ameireaganach a bha cuideachd na chainntear, Daniel Webster (1782-1852) carson a bha e a’ dol a-steach a dhreuchd lagha a bha mu thràth le cus dhaoine ann, fhreagair e, “Tha an-còmhnaidh àite aig a’ mhullach!”

’S ann leis an aon seòrsa strì agus diongmhaltas a tha SCRIPT-ed a’ cur roimhe a dhol a-steach còmhla ri pàipearan air-loidhne eile, agus tha gu leòr dhiubh ann, a tha a’ deiligeadh ri seilbh inntinneil agus lagh teignigeach. Agus nuair a bha mi a’ smaoineachadh air ciamar a tha pàipearan a’ faighinn gu àrd ìre, thàinig grunnan abairtean thugam, ge b’ e air bith cò às, a’ sruthadh a-mach às mo chuimhne air thuaiream – no am b’ urrainn dhaibh a bhith air am fighe a-steach bho “abairtean glèidhte”? Co-dhiù, bha iad a’ dèanamh ceangal ri stèidheachadh a’ phàipeir seo a tha air a sgrìobhadh agus air a stiùireadh le oileanaich agus ri na briathran a tha mu thràth a’ nochdadh ann, a cheart cho math ri dè a nì e san àm ri teachd airson àite a dhleasadh dha fhèin aig mullach liosta Google.

Seo agaibh na h-abairtean sin, gun a bhith ann an òrdugh sam bith, agus gum bu fada a bhios iad uile fìor mu SCRIPT-ed:

’S dòcha gum bu chòir dhomh a ràdh san dealachadh, le beagan rath, chan e gur e abairt a tha seo a gheibhear ann an lagh sam bith a bhuineas do IP no IT, ach a chaidh a shoilleireachadh ann an òran dhen ainm sin le Paul McCartney (a rugadh an 1942, ach fhathast maille rinn). Duilich a bhith a’ dealachadh le bhith cho coltach ri na 1970an (leisgeulan gu sònraichte dha Graeme Laurie).

 


Eachann MacCuinn
Proifeasair san Lagh Phrìbheideach
Stiùiriche, Ionad Sgrùdaidh ahrc airson Rannsachadh Seilbh Inntinneil agus Lagh Teignigeach Sgoil Lagha Dhùn Èideann
Oilthigh Dhùn Èideann

 


BAILII: Copyright Policy | Disclaimers | Privacy Policy | Feedback | Donate to BAILII
URL: http://www.bailii.org/uk/other/journals/Script-ed/2004/1_1_SCRIPT-ed_1gaelic.html